Translations by Akerbeltz

Akerbeltz has submitted the following strings to this translation. Contributions are visually coded: currently used translations, unreviewed suggestions, rejected suggestions.

127 of 27 results
~
Let’s talk Ubuntu
2013-07-03
Bruidhneamaid mu dhèidhinn Ubuntu
~
I'm installing #Ubuntu!
2013-07-03
Tha mi a' stàladh #Ubuntu!
1.
Access for everyone
2013-07-03
Cothrom dhan a h-uile duine
2.
At the heart of the Ubuntu philosophy is the belief that computing is for everyone. With advanced accessibility tools and options to change language, colour scheme and text size, Ubuntu makes computing easy – whoever and wherever you are.
2013-07-03
Aig cridhe feallsanachd Ubuntu tha creideamh gu bheil coimpiutaireachd airson a h-uile duine. Le innealan so-ruigsinneachd adhartach agus roghainnean chànan, sgeama dhathan agus meud teacsa a ghabhas atharrachadh, tha Ubuntu a' dèanamh coimpiutaireachd furasta – ge be cò thu no càit a bheil thu.
3.
Customization options
2013-07-03
Roghainnean gnàthachaidh
5.
Assistive technologies
2013-02-25
Teicneolas taice
6.
Language support
2013-02-25
Taic chànan
7.
Make the most of the web
2013-07-03
Cuir an lìon gu làn fheum
8.
Ubuntu includes Firefox, the web browser used by millions of people around the world. And web applications you use frequently (like Facebook or Gmail, for example) can be pinned to your desktop for faster access, just like apps on your computer.
2013-07-03
Firefox am broinn Ubuntu, am brabhsair-lìn a tha 'ga chleachdadh le milleanan a dhaoine air feadh an t-saoghail. Agus is urrainn dhut aplacaidean-lìn a chleachdas tu gu tric (can Facebook no Gmail) a phrìneachadh ris an deasg airson 's gum faigh thu cothrom orra gu luath, dìreach mar aplacaidean a' choimpiutair agad.
9.
Included software
2013-02-25
Bathar-bog a tha 'na bhroinn
10.
Firefox web browser
2013-02-25
Brabhsair-lìn Firefox
11.
Supported software
2013-02-25
Bathar-bog ris a bheil taic
14.
Any questions?
2013-02-25
Ceist sam bith?
15.
Check out <a href="http://askubuntu.com/">askubuntu.com</a> for answers to all your Ubuntu questions. There’s a good chance your question will have been answered already and, if not, you’ll find thousands of volunteers eager to help. For more support options, go to <a href="http://www.ubuntu.com/support">ubuntu.com/support</a>.
2013-07-03
Thoir sùil air <a href="http://askubuntu.com/">askubuntu.com</a> airson freagairtean air do cheistean a thaobh Ubuntu. Tha deagh -theans gun robh an dearbh-cheist aig cuideigin eile mu thràth 's gun d'fhuair e freagairt. Agus mur an d'fhuair, gheibh thu na mìltean a dhaoine ann a tha deònach do chuideachadh. Airson barrachd roghainnean taice, feuch <a href="http://www.ubuntu.com/support">ubuntu.com/support</a>.
16.
Take your music with you
2013-02-25
Thoir do cheòl leat
17.
Ubuntu comes with the amazing Rhythmbox music player. With advanced playback options, it's simple to queue up the perfect songs. And it works great with CDs and portable music players, so you can enjoy all your music wherever you go.
2013-07-03
Tha cluicheadair-ciùil mìorbhaileach Rhythmbox am broinn Ubuntu. Leis na roghainnean cluich adhartach aige, tha e furasta na h-òrain agad a chur an òrdugh agus obraichidh e fìor-mhath le CDan agus cluicheadairean so-ghiùlain - 's bidh do cheòl comh' riut ge be càit an dèid thu leis a sin.
18.
Rhythmbox Music Player
2013-07-03
Cluicheadair ciùil Rhythmbox
19.
Everything you need for the office
2013-07-03
Gach nì a dh'fheumas tu airson na h-oifise
20.
LibreOffice is a free office suite packed with everything you need to create documents, spreadsheets and presentations. Compatible with Microsoft Office file formats, it gives you all the features you need, without the price tag.
2013-07-03
Tha an sreath phrògraman oifise LibreOffice loma-làn de ghoireasan leis an urrainn dhut sgrìobhainnean, cliath-dhuilleagan is taisbeanaidhean a chruthachadh. Làimhsichidh e fòrmatan Microsoft Office cuideachd agus leis a sin, bidh oifis làn-chomasach agad ach gu tur an-asgaidh.
24.
Have fun with your photos
2013-02-25
Spòrs leis na dealbhan agad
25.
Shotwell is a handy photo manager that is ready for your gadgets. Connect a camera or a phone to transfer your photos, then it’s easy to share them and keep them safe. If you’re feeling creative, you can try lots of photo apps from the Ubuntu Software Center.
2013-02-25
Tha Shotwell 'na mhanaidsear goireasach airson dealbhan, ullamh ris na h-uidheaman agad. Ceangail camara no fòn ris gus na dealbhan agad a thar-chur is bidh e furasta an co-roinneadh agus an cumail sàbhailte. Ma thig faireachdainn chruthachail ort, tha an t-uamhas de dh-aplacaidean dhealbhan ri do làimh ann an ionad bathar-bog Ubuntu.
26.
Shotwell Photo Manager
2013-02-25
Manaidsear dhealbhan Shotwell
27.
GIMP Image Editor
2013-02-25
Deasaiche dhealbhan GIMP
28.
Pitivi Video Editor
2013-02-25
Deasaiche video Pitivi
29.
Find even more software
2013-02-25
Lorg fiù barrachd phrògraman
30.
Say goodbye to searching the web for new software. With Ubuntu Software Center, you can find and install new apps with ease. Just type in what you’re looking for, or explore categories such as Science, Education and Games, alongside helpful reviews from other users.
2013-07-03
Fàg soraidh slàn aig rùrachadh an lìn air tòir bathair-bhog. Le ionad a' bhathair-bhog aig Ubuntu, gheibh thu greim air aplacaidean ùra gun duilgheadas sam bith. Cha leig thu leas ach na tha a dhìth ort a chur a-steach no roinn a rùrachadh, can saidheans, foghlam no geamannan. Agus chithear ann beachdan feumail o luchd-cleachdaidh eile cuideachd.
32.
Fast and full of new features, the latest version of Ubuntu makes computing easier than ever. Here are just a few cool new things to look out for…
2013-07-03
Luath agus làn ghoireasan ùra, tha an tionndadh as ùire de Ubuntu a' dèanamh coimpiutaireachd nas fhasa na bha e a-riamh. Seo dìreach rud sgoinneil no dhà a gheibh thu ann...